Ionad trèanaidh ùr do Phartick Thistle

Thuirt Àrd Oifigear Phartick Thistle gun toir pàirce trèanaidh ùr a' chluba atharrachadh mòr orra.

Chaidh innse Dimàirt gun tog Thistle ionad trèanaidh luach £4m.

Tha manaidsear an sgioba, Ailean Archibald, a' faireachdainn gum bi e nas fhasa dhaibh cuideachd a-thaobh chluicheadairean òga a thàladh dhan chlub.