Càineadh air an Ruis mu shèist Bheslan

Bhreith Cùirt Eòrpach nan Còirichean Daonna gu robh Moscow ciontach de laigsean mòra a thaobh shèist sgoile Bheslan ann an 2004.

Chaochail 334 duine - mòran chloinne nam measg - ann an oidhirp nan ùghdarrasan an saoradh bho cheannarcaich Chechen.

Thuirt a' Chùirt gu robh cothrom math ann stad a chur air an sgrios mus do thòisich e.

Tha Dòmhnall MacLeòid na riochdaire air Eòrpa a rinn prògram air an sgrios ann an 2005.

Air fhoillseachadh