Cuirm anns a' Chuiltheann

Chaidh consairt gu math eadar-dhealaichte a chumail anns an Eilean Sgitheanach air an deireadh-sheachdain - 's e a gabhail àite ann an cridhe a' Chuilthinn.

Thug an luchd-èisteachd còrr is uair a thìde gu leth a' sreap faisg air da mhìle troigh gu Coire Lagan.

Theab gun do chuir droch aimsir maille air a' chonsairt, ach mar a tha Calum MacIlleathainn ag aithris, thàinig na beanntan beò le cèol fidhle is cello…