Bainnsean Hearach a' dol am meud

Tha barrachd bhainnsean gan cumail sna Hearadh na ann an sgìre sam bith eile sna h-Eileanan Siar.

'S e pòsaidhean tràghad a bhitheas aig còrr is fichead càraid am bliadhna - àrdachadh deich-fhillte air na bh'ann bho chionn dusan bliadhna, agus a dhà uidhear air na phòs air a' bhlàr a-muigh an-uiridh.

Mar a tha Eilidh NicLeòid ag aithris, tha am fasan air cothroman ùr a thoirt do luchd-ghnìomhachais an eilein.