Dannsairean Uibhist a' dèanamh air Eirinn

Tha buidheann de dhannsairean à Uibhist a' dèanamh air Cill Airne airson prìomh fharpais Chomunn Dannsa Èireannach na Cruinne.

Chan eil ach beagan bhliadhnaichean bhon a chaidh an sgoil dhannsa a stèidheachadh ann am Baile Mhanaich, agus tha 29 òganach an-dràsta nan luchd-ionnsachaidh.

Mar a tha Shona Nicdhòmhnaill ag aithris, chan eil na riaghailtean mu cheumanan cho teann ann an dannsa Èireannach 's tha iad ann an dannsa Gaidhealach.