Fichead bliadhna bho ghabh muinntir Eige sealbh air an fhearann

Thathar a' comharrachadh fichead bliadhna bhon a fhuair muinntir Eilein Eige sealbh air an fhearann aca. Aig an àm sin, cha robh ach trì fichead duine sa ceithir a' fuireach ann. Ach bhon uair sin, thàinig àrdachadh air an àireamh sluaigh - gu còrr is ceud. Tha an t-eilean an-diugh a' faighinn aithne airson 's gu bheil iad a' cruthachadh cha mhòr an dealan air fad aca bho chumhachd ath-nuadhachail. Seo Andreas Wolff.