Bratach Uibhist a Deas

'S e Uibhist a Deas a' chiad eilean ann an Innse Gall le bratach oifigeil.

Chaidh a chuir suas air crann aig machair Aisgeirnis Diciadain, air fear de na làithean is trainge dhan eilean agus na geamaichean a' dol.

Thathar an dòchas gun cuidich e le ìomhaidh Uibhist a Deas a thogail, ge bith cait' an tèid a chleachdadh.