Comhairle misneachail mu chumhachd gaoithe

Chuir Comhairle nan Eilean Siar fàilte air an naidheachd gu bheil Riaghaltas Westminster deònach tairgsean fhaighinn bho phròiseictean cumhachd gaoithe as na h-Eileanan fon sgeama 'Contracts for Difference'.

Cha deach gach pàirt dhan sgeama rèiteach fhathast ach tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil iad fada nas misneachaile na bha iad.