Soirbheachas do dh'òigridh ICTFC

Le beagan is seachdain ri dhol mus tòisich an t-seasan ùr, tha deagh naidheachd dha sgioba bhall coise, Chaley Thistle le cluicheadairean òga na sgioba a' soirbheachadh anns an Spàinn.

Bha cluicheadairean fo sheachd bliadhna deug a' gabhail pàirt ann am farpais IBER a' dol an aghaidh iomadach sgioba bho air feadh an t-saoghail agus 's iad a bhuannaich a' chupa.

Bhruidhinn Calum Fearghasdan ri dithis dhen sgioba nuair a thill iad bhon turas.