Naidheachdan 11:00m
Thuirt an SNP a-rithist gum feum Alba smachd fhaighinn air àiteachas, iasgach agus eaconamaidh nan sgìrean dùthchail an dèidh do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte dealbh a dhèanamh an-diugh air àiteachas an dèidh Brexit. Thuirt Rùnaire na h-Àrainneachd ann an Westminster, Mìcheal Gove, ann an òraid ann an Surrey, gum feum tuathanaich dearbhadh gu bheil iad airidh air subsadaidh an dèidh do Bhreatainn falbh às an EU. Thuirt Stiùbhart Stevenson aig an SNP, a tha na bhall air Comataidh nan Cùisean Dùthchail ann am Pàrlamaid na h-Alba, nach eil an sin ach eisimpleir eile air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' cleachdadh Brexit mar leisgeul airson grèim a dhèanamh air tuilleadh chumhachdan.
Thuirt comataidh ann an Taigh nam Morairean gum bi e fìor dhoirbh dhan Riaghaltas smachd a chur air in-imreachd an dèidh Brexit mura h-atharraich an dòigh sa bheil iad a' cruinneachadh fiosrachaidh. Thuirt Comataidh na h-Eaconamaidh ann an Taigh nam Morairean gu bheil laigse mhòr ann, agus nach eil fiosrachadh cinnteach ann air co mheud duine a tha a' tighinn a Bhreatainn no a' falbh a h-uile bliadhna.
Chaidh dithis a mharbhadh, agus na h-uimhir de dhaoine eile a ghoirteachadh an dèidh crith-thalmhainn mhòir air grunnd na mara faisg air Eilean Kos anns a' Ghrèig. Agus rinn a' chrith aig ìre 6.7 tsunami bheag a dh'fhàg tuiltean air sràidean baile Bodrum air Tìr-Mòr na Tuirce.
Tha triùir àrd-oifigeach a' fàgail an dreuchd aig Comhairle Baile Obar Dheathain. Tha Ceannard Oifis an Àrd-Oifigich nam measg, agus Ceannard Stòras Daonna agus Seirbheisean Luchd-Cleachdaidh na Comhairle. Tha buidheann dùbhlain an SNP air a' Chomhairle ag ràdh gur e dearbhadh a th' ann gu bheil e a' faileachadh air an ùghdarras àrd-luchd-obrach a chumail. Thuirt fear-labhairt na Comhairle gur ann le an toil fhèin a tha an triùir a' falbh.
Shoirbhich tuath-gaoithe Urras Oighreachd Ghabhsainn ann an Leòdhas cho mòr agus gun deach aca air riadh de 5% a thoirt dhan fheadhainn a cheannaich earrainnean airson an cuideachadh le dà mhuileann gaoithe eile a thogail. 'S e riadh de 4.5% a thug Urras Energy seachad an-uiridh.