Nighean a bhàsaich an Earra Ghàidheal ga h-ainmeachadh

Chaidh an nighean òg a chaochail nuair a thuit logaichean orra ann an Earra Ghàidheal ainmeachadh.

Bha Kayla Dhòmhnallach 8 bliadhna a dh'aois, 's bhuinneadh i dhan Dùn Bheag.

Bha i na sgoilear aig aonad Gàidhlig Achadh na Creige.

Chaidh nighean eile, 12 bliadhna a dh'aois a leòn.

Tha rannsachadh ann, ach chan eil a' chùis amharasach.