Cupa Moldova

'S iad an Rubha a bhios a' cluich an aghaidh nan Lochan no Nis ann an iar-chuairt dheireannaich Chupa Moldova ann an Leòdhas.

Rinn na Rubhaich a' chùis air United 6 tadhail gu 0 oidhche Mhàirt, agus bhuanaich am Bac 2 gu 1 an aghaidh an Taobh Siar.

Cluichidh na Bacaich san iar-chuairt dheireannach eile an aghaidh Aths, às dèidh dhaibhsan a chùis a dhèanamh air Càrlabhagh