Naidheachdan 11:00m

Tha sgrùdadh a rinn a' bhuidheann Transport Focus ag ràdh gu bheil 90% de luchd-cleachdaidh Scotrail riaraichte leis na seirbheisean. Tha sin suas bho 83% bho bha an sgrùdadh mu dheireadh ann. Bhruidhinn a' bhuidheann ri mìle agus dà cheud de luchd-siubhail air feadh Alba. Sheall an sgrùdadh ùr seo gu bheil daoine toilichte leis an àireamh thrèanaichean a tha a' cumail ris a' chlàr-ama ach nach eil iad cho riaraichte le seirbhisean a-muigh air an duthaich.

Tha àrd-oifigeach aig Banca Shasainn ag ràdh gu faodadh àrdachadh ann an iasadan pearsanta cunnart a dhèanamh do dh'eaconomaidh Bhreatainn. Thuirt Alex Brazier gu bheil airgead air iasad air èirigh corr 's 10% air a' bhliadhna a chaidh seachad ged nach eil teachd a-steach ach air a dhol suas 1.5%.

Tha dragh ann mu shlàinte agus cùram bheathaichean an dèidh Brexit ma thig air tuathanaich ann am Breatainn a bhith a' farpais ri biadh saor à duthchannan air taobh a-muigh an Aonaidh Eòrpaich. Tha buidheann thar-phàrtaidh ann an Taigh nam Morairean ag iarraidh gealltanas bhon Riaghaltas nach tuit na h-ìrean sin le farpais ann am margaidhean saora.

Tha iasgairean ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanach a-measg na tha a' gearain nach eil Comhairle na Gàidhealtachd neo CMAL a' bruidhinn riutha mas tòisich leasachadh air Cidhe Ùige airson a' bhàta aiseig ùr ris a bheil dùil ri dheireadh na h-ath bhliadhna. Chuala coinneamh phoblach, a chum Urras Coimhearsnachd Ùige an-raoir, gu bheil dragh air iasgirean a tha a' cleachdadh a' chidhe mu bhuaidh a' phroiseict orrasan. Tha CMAL a' cumail sreath eile de choinneamhean poblach, agus taisbeanadh air na planachan ann an Ùige, Loch na Madadh agus air an Tairbeart trath san t-Sultainn.

Tha Stòras Uibhist a' cur taic ri beachd gum bu chòir tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh air pailteas nan gartan agus bitheantas an tinneas Lyme ann an Uibhist. Sheall rannsachadh neo-fhoirmeil thairis air bliadhna mu dheireadh gu bheil gartain mu cheithir fichead turas nas pailte air pìos talmhainn far am bheil fèidh agus caoraich seach air pìos fearainn ri thaobh far nach eil.