Iomairt airson talamh ban a chur gu feum a-rithist
Dh'ainmich Coimisean na Croitearachd còignear a fhuair croitean bho chionn ghoirid mar phàirt de dh'iomairt airson talamh ban a chur gu feum a-rithist.
Tha ceithir de na croitean anns na h-Eileanan Siar, leis an tè eile ann an Toirbheartan. Chaidh an toirt air falbh bhon fheadhainn leis an robh iad seach nach robh iad a' fuireach gu h-ionadail.
Mar a tha Dòmhnall MacLaomainn ag aithris, 's e seo a' chiad cheum ann a bhith a dèiligeadh ri croitean bàna.