Naidheachdan 11:00m
Bidh casg air reic chàraichean ùra peatrail 's diesel ann am Breatainn bhon bhliadhna 2040 gus toirt air draibhearan gluasad gu càraichean dealain. Thuirt Rùnaire na h-Àrainneachd, Michael Gove, nach eil roghainn ann ach sin ma tha an Riaghaltas gu bhith a' glèidheadh na h-àrainneachd agus a' dèiligeadh ri blàthachadh na cruinne agus ceistean slàinte. Tha cuid de dh'eolaichean a ceasnachadh am bi an dùthaich deiseil airson gluasad gu càraichean dealain gu lèir an ceann trì bliadhna fichead.
Dh'fhàs eaconomaidh Bhreatainn 0.3% eadar an Gibhlein agus an t-Ògmhios, suas bho 0.2% air a' chiad thrì mìosan den bhliadhna. Tha eòlaichean den bheachd gu bheil leudachadh ann an gnìomhachas nam fiolmaichean a' cur ris an àrdachadh sin.
Tha nighean, 17 a dh'aois, fo chasaidean ceannairc. Tha amharas ann gu robh i a' conaltradh ris an IS ann an Syria agus ag ullachadh 'son ionnsaigh anns an Rìoghachd Aonaichte. Thèid i gu Cùirt nam Maighstirean Lagha ann an Westminster a-màireach.
Tillidh cùis an leinibh thinn Charlie Gard dhan Àrd-chùirt ann an Lunnain an-diugh. Tha pàrantan an leinibh ag iarraidh cead a thoirt dhachaigh 'son a' bheagan ùine a bhios aca air fhàgail còmhla ris, ach tha Ospadal Great Ormond Street ag ràdh gum biodh e nas fheàrr ann an hospice.
Thàinig air deich mìle duine gluasad à sgìrean ann an ceann a deas na Frainge agus ann an Eilean Corsica far am bheil teine coille 's fhior sgaoileadh. Tha an teine a' toirt buaidh air an sgìre aig àirde seusan na turasachd.
Tha coltas ann gu feum Seirbheis Prìosan na h-Alba ionadan sònraichte a thogail 'son dèiligeadh ris an àireamh de sheann daoine a tha sa phrìosan. Dh'èirich an àireamh a tha nas seana na trì fichead an còigeamh cuid air a' bhliadhna a chaidh seachad. Tha Seirbheis Priosan na h-Alba a' cosg millean not a h-uile bliadhna air cùram sòisealta do sheann daoine.
Tha ceannard Loganair ag ràdh gun cur an fharpais a bhios eadar iad agus Flybe air cuid de sheirbhisean maill air planaichean na companaidh airson na plèanaichean aca ùrachadh. Agus thuirt Jonathan Hinkles gu bheil iad deònach coimhead air aonta mu thiocaidean agus a' làimhseachadh bhagaichean, ach nach eil Flybe deònach bruidhinn riuthasan.