Co-labhairt ann an Uibhist an ath-mhìos mu thrioblaid nan gartan

Ciamar a bu chòir dèiligeadh ri suidheachadh nan gartan ann an Uibhist? 'S e ceist mhòr a th'ann, 's fada bharrachd dhen tinneas Lyme bho ghartain ann an Uibhist na tha sa chòrr dhe na h-Eileanan Siar.

Thèid a dheasbad le eòlaichean aig co-labhairt a bhios ann am Beinn nam Fadhla an ath-mhìos a bheir barrachd fiosrachaidh do luchd-meidigeach.

Seo Dòmhnall MacLaomain.