50 bliadhna ga chomharrachadh le daoine gèidh
Thathas a' comharrachadh Diardaoin gu bheil 50 bliadhna bhon a chaidh an lagh a thaobh chàirdeasan-feise gèidh atharrachadh ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh.
Bhiodh 13 bliadhna ann gun tigeadh atharrachadh air lagh na h-Alba, ann an 1980. Cha do thachair e ann an Èirinn a Tuath gu 1982.
Ach tha na thachair bho chionn 50 bliadhna air fhaicinn mar thoiseach-tòiseachaidh, ann a bhith ag atharrachadh seasamh dhaoine gèidh san duthaich, mar a tha Ruairidh MacÌomhair ag aithris.