Aithisg mu dhol fodha an Louisa
Tha Meur Sgrùdaidh nan Tubaistean mara air an aithisg aca fhoillseachadh air mar a chaill triùir iasgairean am beatha far Mhiùghlaigh an-uiridh.
Chaochail iad nuair a chaidh am bàt'-iasgaich aca, an Louisa, fodha 's i aig acair.
Tha iad a' moladh ath-sgrudadh sa bhad air mar a tha seacaidean sabhalaidh a' dol fo dheuchainn.