Moladh 'son leudachadh mòr am foghlam Gàidhlig

Bu chòir aonad bun-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh air a' Ghàidhealtachd gach bliadhna, sgoiltean-àraich na sgìre a bhith dà chànanach, agus sgoil Ghàidhlig eile a thogail taobh a-staigh 5 bliadhna.

Seo na tha an Dtr Mìcheal Foxley, a bha uair na cheannard air a' Chomhairle, ag ràdh sa cho-chomhairleachadh air plana Gàidhlig ùr an ùghdarrais.