Naidheachdan 11:00m
Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' gabhail comhairle an dèidh dha tighinn am follais gur e an aon sheòrsa sheacaidean sàbhalaidh a th' air na bàtaichean-aiseig aca 's a bh' air a' bhàt-iasgaich an Louisa a chaidh fodha far Mhiughlaigh an-uiridh le call a triùir chriutha. Thuirt an rannsachadh oifigeil air an tubaist sin nach do dh'obraich na seacaidean sàbhalaidh mar a bu chòir, agus gum feumar ath-sgrùdadh a dhèanamh orra. Thuirt CalMac gu bheil iad a' bruidhinn ris an MCA (Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich) mu na seacaidean sàbhalaidh, agus gun dèan iad na thèid iarraidh orra.
Thuirt an Seansalair, Philip Hammond, gu bheil aonta sa Chaibineat gum bu chòir ùine suas ri trì bliadhna a bhith ann an dèidh Bhrexit anns an cùm Breatainn mòran de na ceanglaichean ris an Aonadh Eòrpach. Thuirt e gum bu chòir sin a bhith seachad ron ath-Thaghadh Choitcheann ris a bheil dùil ann an 2022. Thuirt e gum bi cead aig luchd-obrach à dùthchannan eile anns an EU tighinn a Bhreatainn anns an ùine sin, ach gum biodh e ciallach gum feumadh iad clàradh.
Thuit prothaidean BT mu 42% gu £98m air a' chiad chairteal. Dh'innis a' chompanaidh ge-tà, gun tàinig orra £225m a phàigheadh mar aonta an dèidh sgaineil ann an cunntasachd aig meur na buidhne anns an Eadailt.
Bu chòir beachdachadh air cur às do Bhòrd na Gàidhlig 's an obair fhàgail aig Riaghaltas na h-Alba, a rèir Fhionnlaigh MhicLeòid, a thug bliadhnaichean mòra an sàs ann an leasachadh a' chànain. Thuirt Mgr MacLeòid, a bha ùine na cheannard air Comhairle nan Sgoiltean Àraich, nach eil am bòrd, na bheachdsan, a' dèanamh adhartais sam bith, 's nach eil e a' faicinn adhbhair air a shon.
Tha an Ruis a' cur luchd-obrach dioplòmasach Aimeireaganach a-mach às an dùthaich mar fhreagairt do smachd-bhannan ùra bho na Stàitean Aonaichte. Thuirt Mosgo nach fhaod fuireach an sin ach mu 450 de sgioba dhioplòmasach nan Stàitean Aonaichte.
Tha a' Bhana-Phrionnsa Rìoghail air taobh siar Leòdhais an-diugh a' fosgladh pìos ùr de mhuillinn a' Chlò Hearaich ann an Siabost gu h-oifigeil. Tha Harris Tweed Hebrides a tha a' ruith na muilne, air ionad-dathaidh is measgachaidh ùr a thogail an sin.