Ceum cudromach do Chàrlabhagh

Ghabh Càrlabhagh ceum mòr a dh'ionnsaigh tiotal Lìog Leòdhais agus na Hearadh oidhche Mhàirt às deidh dhaibh a' chúis a dhèanamh air a Bhac 3 gu 2.

Tha sin gam fàgail seachd puingean air thoiseach aig a' mhullach às dèidh don Taobh Siar crìochnachadh dà thadhal an urra le United.

Ma bhuannaicheas Càrlabhagh an aghaidh an Rubha Diluain bidh an lìog aca.