Àrd-sgoil Ghàidhlig fa-leth an Dùn Èideann?
Tha Àrd-sgoil Ghàidhlig fa-leth am measg nam molaidhean air an coimhead Comhairle Dhùn Èideann.
Dh'aontaich Comataidh an Fhoghlaim co-luadar neo-fhoirmeil a dhèanamh mus tòisich pròiseas oifigeil.
Bha connspaid ann an-uiridh mu àite do sgoilearan Gàidhlig aig Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig.
Thuirt a' chomhairle gu feum iad fuasgladh fhaighinn ro 2020.