Moladh manaidsear air sgioba Chaol Bhòid

Rinn Manaidsear Caol Bhòid, Seumas Perlich, moladh mòr air an sgioba aige às dèidh dhaibh Cupa MhicAmhlaigh a thogail air an deireadh sheachdain.

Rinn iad a' chùis air Bail' Ùr an t-Slèibh 7 gu 4 ann an cuairt dheireannach iongantach aig Pàirce Mhossfield san Òban.