Taic airson plana gus tancaichean ola is gas Steòrnabhaigh a ghluasad

Cuiridh Seirbheis Smàlaidh na h-Alba taic ri oidhirp airson tancaichean-stòrais ola agus gas a ghluasad a-mach à meadhan Steòrnabhaigh. Le planaichean Ùghdarras Port Steòrnabhaigh airson leasachadh mòr ri taobh Rubha Àirinis, tha cothrom ann na tancaichean a ghluasad. Chaidh beachdachadh air an seo mu thràth airson meadhan a' bhaile a dhèanamh nas sàbhailte agus leasachadh a leigeal air adhart, ach cha tàinig sin gu buil. Seo Aonghas Dòmhnalluch ...