Luaidh ga dhèanamh air a' chraoladair is leasaiche cànain Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain

Tha luaidh ga dhèanamh air Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain, a bha ainmeil mar chraoladair is leasaiche cànain an Alba, ged a chur e bliadhnaichean mòra de a bheatha seachad an Canada. Chaochail Seonaidh Ailig, a bha 79, ann an Ceap Breatainn an-diugh 'sa mhadainn. An dèidh bliadhnaichean a thoirt ann an Canada, thill e a dh'Alba na Iar-stiùiriche air Comataidh Craolaidh Gàidhlig. An dèidh a dhreuchd a leigeil dheth, bha e air tilleadh a Cheap Breatainn ...