Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba plana iasaid airson croitearan is tuathanaich
Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba sgeama iasaid ùr airson cuideachadh a thoirt do chroitearan is tuathanaich a tha fulang ri linn maill ann a bhith a' faighinn nan subsadaidhean aca. Thuirt Fearghas Ewing gu bheil feum air, airson an t-siostam a dhèanamh "seasmhach" dhan fheadhainn a tha a' cur airson taic am bliadhna. Chuir sgeama IT ùr dàil air cuid bho bhith faighinn am pàigheadh an-uiridh agus a-bhòn-uiridh. Bha am fear-naidheachd poileataigeach againn Darren Linc ann a Holyrood an-diugh ...