Fàilte ga chur air iasadan àiteachais an riaghaltais

Tha croitearan ag ràdh gu bheil na dh'fhoillsich Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, a-raoir mu shubsadaidh a' coimhead coltach ri ceum air adhart air an t-slighe cheart, ach gu bheil pìos math ri dhol fhathast. Thuirt Mgr Ewing gun deadh iasadan a thairgse do thuathanaich agus croitearan a tha a' feitheamh ri subsadaidh stuic. Ach tha croitearan ag ràdh gu bheil mì-chinnt ann fhathast mu shubsadaidhean agus iasadan san dà bhliadhna a chaidh seachad. Seo Aonghas Dòmhnullach.