Droch chùram ga choireachadh airson 's mar a chaidh an Hebrides air tìr

Cho-dhùin rannsachadh air mar a chaidh am bàt-aiseig, an Hebrides, air tìr ann am port Loch na Madadh an-uiridh gur e droch chùram air siostam a' proipeileir a bu chòireach. Cho-dhùin an aithisg cuideachd nach robh na h-oifigearan air an deasachadh airson suidheachadh ga sheòrsa. Mhol Meur Rannsachadh nan Tubaistean Mara grunn atharraichidhean san dòigh sa bheil bàtaichean-aiseig air an cumail ann an òrdugh, agus mar a tha oifigearan air an trèanadh. Tha a' chompanaidh-aiseig CalMac ag ràdh gu bheil iad air a sin a dhèanamh. Seo Aonghas Dòmhnullach ...