Naidheachdan 11:00m

Tha huracan air Dominica, air taobh sear a' Charibbean, a ruighinn agus a' dèanamh air cuid dha na h-Eileanan air an do rinn Huracan Irma sgrios. Tha dùil gun ruig Huracan Maria Puerto Rico agus Eileanan Virgin Bhreatainn a-nochd. Thuirt Ionad Huracan Nàiseanta nan Stàitean Aonaichte gur e stoirm ìre a còig a th' ann an Huracan Maria, leis a' ghaoth aig 160 m.s.u.

Thuirt Myanmar nach robh iarrtas an UN airson faighinn a-steach dhan dùthaich a rannsachadh aithrisean gu bheil arm na dùthcha air Muslamaich Rohingya a ruagadh a-mach cuideachail. Chàin a' bhuidheann Amnesty Eadar-Nàiseanta ceannard na dùthcha, Aung San Suu Kyi, airson a bhith ag ràdh nach robh fios aice carson a bha na Rohingya a' teicheadh.

Tha Bùth an Rubha, ann an Leòdhas, dùinte an-dràsta às dèidh do chuideigin briseadh a-steach innte tron oidhche. Tha na Poilis a' rannsachadh dè thachair agus tha iad air casg a chur air daoine a bhith a' dol a-steach. Aig an ìre seo chan eil cus cinnt an deach càil a ghoid, ach tha fear de na tha ag obair sa bhùth air a ràdh gun deach cuid den stuth a bha sa bhùth a thilgeil air an làr, agus gun deach glainne anns na dorsan a bhriseadh airson faighinn a-steach. Tha na h-oifisean a tha san togalach dùinte cuideachd gus an tèid rannsachadh nam Poileas a chrìochnachadh.

Thèid iarraidh air comhairlichean na Gàidhealtachd cead-dealbhachaidh a thoirt do dh'ionad ceartais ùr ann am prìomh bhaile na sgìre. Tha Seirbheis Cùirte na h-Alba a' sireadh cead airson an t-ionad a thogail faisg air rathad an Longman ann an Inbhir Nis. Chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt dhan phròiseact ron seo, ach dh'atharraich Seirbheis na Cùirte na planaichean. Tha iad ag ràdh gur e togalach air leth a th' ann a-nis.

Bhàsaich balach, aois 13 bliadhna, an dèidh dha a bhith air fhaighinn gun mhothachadh na dhachaigh. Fhuairear lorg air an sgoilear bho Acadamaidh Naomh Mhata, ann am Barraid Barrie ann an Àird Rosain mu 7:00f Là na Sàbaid. Thuirt na Poilis nach robh iad amharasach mun chùis. 'S e an dara sgoilear bhon sgoil ann an Siorrachd Àir a Tuath a bhàsaich taobh a-staigh sia là, an dèidh do chorp cuideigin, aois 14 bliadhna, a bhith air a lorg ann am pàirc ann an Irbhinn. Thuirt na Poilis nach robh iad aig an ìre seo a' dèanamh ceangail eadar an dà bhàs.

Thugar binn prìosain dha dithis fhireannach a ghoid bonn òir a choisinn an cluicheadar crolaidh Rhona Mhàrtainn aig Geamaichean Oilimpigeach a' Gheamraidh ann an 2002. Chaidh Stiùbhart Pettigrew, a tha 34 bliadha, às àicheadh na casaid ach, fhuair diùraidh ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Dùn Phrìs e ciontach. Bha Teàrlach Walker air aideachadh roimhe gun robh e air briseadh a-steach gu Taigh-Tasgaidh Dhùn Phrìs agus gun do ghoid e buinn agus nithean eile. Chaidh binn trì bliadhna agus deich mìosan a thoirt do Phettigrew agus thugar binn trì bliadhna agus seachd mìosan dha Walker.