Seusan na turasachd a' leudachadh air a' Ghàidhealtachd

Leis a' chleoc air a dhol air ais tha cuid de dhaoine a' faicinn seo mar dheireadh seusan na turasachd air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan.

Ach mean air mhean, tha an seusan sin a' leudachadh agus luchd-turais ag iarraidh tadhal air an sgìre aig amannan nas sàmhaiche, mar a chuala Magaidh NicFhionghain nuair a ghabh i cuairt mu thimcheall bhailtean costa an ear thuath na Gàidhealtachd.