Buaireadh eadar chompanaidhean chàraichean màil is HIAL aig port adhar Bheinn na Foghla

Tha buaireadh air eirigh eadar chompanaidhean chàraichean màil, agus companaidh nam port adhar HIAL, am Beinn a' Bhaghla.

Tha na companaidhean gun chead obrachadh timcheal a' phuirt adhar, 's companaidh bho thaobh a-muigh na sgìre air cùmhnant a' phuirt adhar fhaighinn.

Tha dragh ann gu faodadh seo buaidh a thoirt air obraichean san sgìre. Seo Shona NicDhòmhnaill.