Buidheann-ghnìomha 'son an Eilein Sgitheanaich

Thèid buidheann-ghnìomha ùr a stèidheachadh san Eilean Sgitheanach a bhios ag amas air bun-structar an eilein a neartachadh.

Thàinig an naidheachd bho Mhinistear na Turasachd, Fiona Hyslop 's i a' bruidhinn aig Sabhal Mòr Ostaig 's co-labhairt ga cumail mun chùis aig a' cholaiste Dihaoine.