Naidheachdan 11:00m

Thuirt na Làbaraich a-rithist gum feum rannsachadh poblach a bhith ann mun dòigh anns a bheil feadhainn a' seachnadh chìsean le bhith a' cur an cuid airgid ann am maoin far cladaich. Thàinig air stiùirichean ionmhais na Bàn-righinn dìon a chur oirre fhèin an dèidh dha tighinn am follais gu bheil cuid den airgead aice ann an stòras den t-seòrsa sin. Tha am fiosrachadh am measg na th' ann am milleanan de phàipearan a chaidh a sgaoileadh, agus anns a bheil cunntas air mar a tha daoine beairteach agus companaidhean mòra a' cur an cuid airgid an dàrna taobh.

Tha poilis ann an Teagsas a' rannsachadh dè thug adhbhar do dh'fhear le gunna 26 duine a mharbhadh aig eaglais Bhaistich. Tha na meadhanan anns na Stàitean Aonaichte ga ainmeachadh mar Devin Kelley, fear a bha san Arm gus an deach a chur às sin bho chionn trì bliadhna.

Dh'fhosgail loidhne-fòn an-diugh a bheir taic do luchd-obrach aig Holyrood a th' air fulang le sàrachadh feiseil no drabasta. Tha ball Làbarach ann am Pàrlamaid na h-Alba a-niste am measg na tha ag ràdh gun deach ionnsaigh dhrabasta a thoirt oirre.

Agus tha Theresa May a' coinneachadh ri ceannardan nam pàrtaidhean eile an-diugh airson dòigh neo-eisimeileach a stèidheachadh airson gearain mu ionnsaigh no sàrachadh feiseil, an dèidh sreath aithrisean air dol-a-mach den t-seòrsa sin aig Westminster.

Thuirt Oighreachd a' Chrùin an Alba gu bheil iad a' cur sgeama air bhonn gus am bi e nas fhasa do dh'ùghdarrasan ionadail, urrasan leasachaidh agus buidhnean eile smachd a thoirt do choimhearsnachdan air fearann agus goireasan eile. Bidh an sgeama a' tòiseachadh le deuchainn air diofar mhodalan a dh'fhaicinn dè as fheàrr a bheir buannachd dhan choimhearsnachd a thaobh ionmhais, na h-àrainneachd agus ghnothaichean sòisealta.

Dh'fhàg fear de chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich buidheann an SNP air Comhairle na Gàidhealtachd an dèidh dha a bhith sa chùirt an t-seachdain seo chaidh fo chasaid gun robh e a' bagairt air tè còmhla ris an robh e a' fuireach. Tha Calum MacLeòid a' dol às àicheadh sin. Tha e a-niste air e fhèin ainmeachadh mar chomhairliche neo-eisimeileach. Tillidh a' chùis dhan chùirt anns an Fhaoilleach an ath-bhliadhna.