Leabhar Liath a' buannachadh duais
Choisinn leabhar bàrdachd dà-chananach duais bho Chomann Crann na h-Alba.
Chaidh An Leabhar Liath aig Pàdraig MacAoidh agus Iain S Mac a' Phearsain ainmeachadh mar leabhar rannsachaidh na bliadhna aig na Saltire Awards.
Se cruinneachadh de bhàrdachd gaoil agus feise bhon chòig ceud bliadhna mu dheireadh a th' ann.
Shoirbhich le Aonghas Phàdraig Caimbeul leis an leabhar aige-san "Memory and Straw" cuideachd.
Seo Andreas Wolff.