Na mìltean dhachannan às aonais an dealain ri linn na stoirme
Tha cuid de sgìrean fhathast as aonais an dealain a-nochd as dèidh stoirm Caroline.
Bha seirbhiesean aiseig air an cur dheth leatha 's a bha sgoiltean dùinte thall 's a bhos.
Tha dùil gum bi sgoiltean nan Eilean Siar fosgailte a-màireach.
Tha duil a-nis ge-tà, gum faodadh sneachda 's a deigh duilgheadasan adhbhrachadh san sgìre.
Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.