Cìs £1 ga moladh ann am Muile 's Eilean Ìdhe
Ciamar a ghabhas dèiligeadh ris an uallach a tha àireamh mhòr de luchd-turais a' cur air bun-strutair sgìrean iomallach?
Tha a' cheist air togail ceann ann an iomadach àite agus 's e cìs air luchd-turais a tha cuid a' moladh.
Tha comhairliche ann am Muile agus Idhe airson not a thogail bhon h-uile neach-turais a thig dha na h-eileanan.
Dheadh a thoirt dhan choimhearsnachd, seach an riaghaltas neo an t-ùghdarras ionadail, tha i ag ràdh.
Tha i cuideachd ag ràdh nach e cìs a th' ann ach rud a leasaicheas seirbheisean.
Dh'fhaodadh gun tèid e air adhart, oir chuir Ministear Còmhdhail na h-Alba, Humza Yusaf, taic ris a' phlana.
Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris: