Thig àrdachadh 3% air cìs chomhairle nan Eilean Siar

Tha a' chìs chòmhairle sna h-Eileanan an Iar a' dol a dh`èirigh 3%. Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad a' dèanamh seo airson feuchainn ris a' ghearradh san t-suim a tha a' tighinn bho Riaghaltas na h-Alba a chothromachadh.

Tha naidheachd nas fheàrr ann cuideachd, ge-tà. An dèidh dhaibh sùil a thoirt air na h-àireamhan, tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh nach bi na gearraidhean cho mòr 's a bha dùil. Ach feumaidh iad fhathast dà mhillean not de ghearraidhean a dhèanamh.

Seo Aonghas Dòmhnallach.