Cus iarrtais airson foghlam Gàidhlig ann an Glaschu

Fhuair pàrantan ann an Glaschu litir ag innse dhaibh gur dòcha nach fhaigh an cuid pàisdean àite ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig an ath-bhliadhna.

Tha àite ga iarraidh airson mu sheachd fichead leanabh air prìomh a h-aon an ath-bhliadhna. Ach an-drasta, chan eil ach ceud àite ri fhaotainn.

Dhiùlt pàrantan gabhail ris an làraich a bhathas a' mòladh son an treas sgoil Ghàidhlig ann an ceann a deas a' bhaile agus dragh orra mu far an robh i, agus mu cho mòr 's a bha an sgìre-sgoile.

Seo Iain MacDiarmaid..