Luaidh ga dhèanamh air Iain Macleòid
Tha luaidh ga dheanamh air Iain MacLeòid a bha iomadh bliadhna na Cheann-suidhe air a' Chomunn Ghàidhealach.
Bhàsaich e gu h-obann na dhachaigh ann an Dùn Èideann aig aois trì-fichead 's a sia.
A bharrachd air a bhi os cionn a' Chomuinn, bha Iain an-sàs gu mòr às leth na Gàidhlig ann an iomadh riochd eile - ann an Dùn Èideann fhèin agus gu nàiseanta.
Tha an aithris-sa aig Dòmhnall Moireasdan...