Dithis a thàinig a dh'Alba air an 'Kindertransport'
Am bliadhna bithear a' comharrachadh ceithir fichead bliadhna bhon a thachair an Kristallnacht anns a' Ghearmailt.
Chaidh synagogan agus buithtean Iudhach a sgrios agus thathar a' tomhas gun do chaill na ceudan am beatha air an oidhche sin.
Beagan as deidh laimhe, thàinig Eanraig agus Ingrid Wuga a dh'Alba air an Kindertransport no Comhdhail Chloinne - seo nuair a ghabh riaghaltas na Roigheachd Aonaichte na ceudan chloinne Iudhach a bha ann an cunnart bho nan Nàtsaich.
Cha robh Eanraig agus Ingrid eòlach air gach a chèile aig an àm.
Ach chur iad eòlas air a cheile ann an Glaschu agus tha iad air a bhith còmhla bhon uairsin.
Chaidh Andreas Wolff a bhruidhinn riutha.