Tòisichidh obair air dachaigh-cùraim ùr an Steòrnabhagh
Tòisichidh obair air dachaigh-cùraim ùr a thogail ann an Steòrnabhagh aig toiseach na h-ath-bhliadhna.
Tha còrr is leth-cheud leabaidh anns an amharc aig an ionad ùr ann an Cnoc nan Gobhar.
Bidh leth-cheud àite ann cuideachd do dhaoine a tha feumach air taic a bhith nan ònrachd agus bidh trì fichead taigh ùr air an làraich.