Luaidh air an Urr. Coinneach Dòmhnallach a bhàsaich aig aois 83
Tha luaidh ga dhèanamh air an Urr. Coinneach Dòmhnallach, neo Kenny Sammy, a chaochail Disathairne.
Bha e ceithir fichead 's a tri.
Chuir e seachad ùine mhòir a' sireadh an nigheann aige Alison a chaidh a dhìth ann an Kashmir sna h-ochdadan.
Bha e a-riamh cinnteach gu robh i beò, 's gum faiceadh e a-rithist i.
Tha Dòmhnall Angaidh Moireasdan a' coimhead air ais air a' bheatha.