Comhairle air cur às do planaichean obraichean foghlaim ghearradh
Chuir Comhairle na Gàidhealtachd às do phlanaichean 'son 300 cosnadh a ghearradh ann an Roinn an Fhoghlaim.
Chaidh na planaichean a sgaoileadh, gun chead, air thoiseach air buidseat na h-ath mhìos agus dh'adbhraich iad fearg am measg phàrantan.
Dh' inns a' Chomhairle Diciadain ge-ta nach tèid iad air adhart leotha