Leudachadh air an àireamh bhailtean Gàidhealach le casg-astair 20msu

Dh'aontaich comhairlichean air Comataidh Rois is Chrombaidh casg astair de dh'fhichead mìle san uair a chur air a' chuid as motha dhe na rathaidean ann an Inbhir Ghòrdain, Inbhir Pheofharain, Baile Dhuthaich agus Alanais.

Tha seo mar phàirt de sgeama Chomhairle na Gàidhealtachd gus an àireamh bhailtean le casg astair fìchead mìle san uair a leudachadh.

Ach chan eil a h-uile comhairliche toilichte, mar a tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.