Tòisichidh obair-leasachaidh an ath-sheachdain air seann togalach ann an Geàrrloch

Tòisichidh obair-leasachaidh an ath-sheachdain air seann togalach ann an Geàrrloch a bhios na dhachaigh ùr do Thaigh-tasgaidh a' bhaile.

Tha iad a' fàgail na làraich far a bheil iad an dràsda agus bidh cuid de phriomh thaisbeanaidhean an taigh-tasgaidh aig cridhe an togalaich ùir le àite cuideachd airson tòrr a bharrachd eile.

Agus mar a fhuair Iain Wentworth a-mach, tha eachdraidh an togalaich gu math inntineach.