Flybe a' cur cùl ris an t-slighe eadar Steòrnabhagh 's Glaschu
Dhearbh Flybe agus Eastern Airways gun sguir iad a' sgeith eadar Steòrnabhagh is Glaschu aig toiseach na h-ath-mhìos.
Tha iad cuideachd air innse gun tarraing iad a-mach às an t-slighe eadar Arcaibh agus Obar Dheathain.
Tha Flybe agus Eastern air a bhith a' farpais ri Loganair air na slighean - agus tha amharas ann gun toir seo buaidh air faraidhean.
Tha Ruaraidh Rothach ag aithris.