Dragh mu rathaidean an Eilein Sgitheanaich
Tha ceist air èirigh san Eilean Sgitheanach mu mar a tha Comhairle na Gàidhealtachd a' dèiligeadh ri tuill rathaid.
Tha dragh ann nach eil an stuth leis a bheileas gan lìonadh a' maireachdainn ach beagan làithean agus gu bheil e an uairsin a' dol ma sgaoil is a' bualadh ann an càraichean agus ann an daoine a tha a' coiseachd air an oir.
Tha Alasdair MacLeòid ag aithris.