Naidheachdan 11:00m

Aontaichidh Pàrlamaid na h-Alba a-nochd an t-atharrachadh as motha air cìs cosnaidh na dùthcha bho chaidh a' Phàrlamaid a stèidheachadh. Cuiridh an t-atharrachadh £400m a bharrachd ann an sporran an Riaghaltais. Tha ministearan a' cumail a-mach gum bi a' mhòr-chuid de dhaoine a' pàigheadh nas lugha na bha iad, 's iad ag amas barrachd air daoine le pàigheadh mòr. Thuirt na Tòraidhean ge-tà, nach bi Alba cho tarraingeach do ghnìomhachasan bho seo a-mach.

Tha àrd-stiùiriche Oxfam air cantainn gu bheil e duilich ri Buill-Phàrlamaid às dèidh mar a bha e a' dìon a' charthannais co-cheangailte ri sgainneal mì-ghiùlain feise Haiti. Chaidh Mark Golding a ghairm a bhruidhinn ri Comataidh an Leasachaidh Eadar-Nàiseanta. Bha e air cantainn gun saoileadh daoine gun robh Oxfam air a bhith a' marbhadh phàistean leis an ùpraid a bh' ann.

Chaidh àireamhan eucorra feise an aghaidh òigridh suas 9% anns a' bhliadhna a dh'fhalbh a rèir a' charthannais an NSPCC. B' e eucoir co-cheangailte ri deilbh dhrabasta a bu chumanta.

Thuirt Rùnaire Bhrexit na Rìoghachd Aonaichte, David Davis, ann an òraid ri luchd-gnothaich san Ostair, gu bheil e cinnteach às fhathast gun gabh deagh aonta a ruighinn eadar an Rìoghachd Aonaichte agus an t-Aonadh Eòrpach. Thuirt e nach biodh Breatainn ann an rèis chun a' bhuinn, agus gum biodh an dùthaich an sàs ann an co-theacsa ùr eadar-nàiseanta.

Thèid feuchainn ri grunn bhuidhnean a thoirt còmhla ann am Barraigh am-bliadhna airson coimhead ri mar a ghabhas barrachd chumhachd air seirbheisean a thilleadh dhan choimhearsnachd fhèin. Tha an Comh. Dòmhnall Manford ag ràdh gum bu chòir coimhead ri mar a tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ga riaghladh le comataidhean ann airson nan diofar sgìrean. Agus bha e ag ràdh gur ann aig muinntir an àite fhèin as fheàrr a tha fios dè tha a dhìth orra.

Chuireadh càin de £6.2m air a' chompanaidh gheall William Hill. Thuirt Coimisean a' Cheàrrachais nach robh iad air gu leòr cheistean a chur air deichnear a chuir suimeanan mòra airgid ann an cunntasan leotha, a' briseadh laghan gus maill a chur air gluasad airgid eucorra. Thuirt William Hill gun robh poileasaidhean ùra aca a-nis.