Comhairliche Bharraigh ag iarraidh gum faigh muinntir an eilein tuilleadh chumhachd
Thòisich iomairt às ùr ann am Barraigh a tha ag amas air barrachd chumhachd a thaobh mar a seirbhisean air an stiùireadh a thilleadh dhan choimhearsnachd.
Tha cuid de cho-dhùnaidhean air còmhdhail 's a leithid air mì-thoileachas adhbhrachadh san àite.
Thathar ag iarraidh air buidhnean air an eilean le ùghdarras mu sheirbheisean tighinn còmhla sna mìosan ri thighinn gus a' chùis a dheasbad.
À Barraigh, tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.