Dragh ga thogail mun uallach air luchd-cùraim nan Eilean Siar
Tha Comhairle nan Eilean Siar air iad fhèin a dhìon às deidh do ghearainean nochdadh mu atharrachaidhean ann an cùmhnantan luchd-cùraim san dachaigh.
Aig coinneimh de Chomataidh Taigheadais agus Coimhearsnachd an ùghdarrais an-diugh, thuirt fear de chomhairlichean an Rubha gu bheil luchd-cùraim mì-thoilichte mu na h-atharrachaidhean agus gu bheil mòran a' fàgail son obraichean eile.
Thuirt a' Chomhairle ge-tà nach eil a' chùis cho dona sin.
Tha Catriona NicIllinnein ag aithris.